iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: https://gd.wikipedia.org/wiki/La_Ceja
La Ceja - Uicipeid Jump to content

La Ceja

O Uicipeid
La Ceja
municipality of Colombia
Cur air cois1789 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailEastern Antioquia Deasaich
Domhan-leud is -fhad6°0′39″N 75°25′39″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://laceja-antioquia.gov.co/sitio.shtml Deasaich
Map

‘S e baile beag ann an sgìre àirde an ear na h-Antioquia,[1] Coloimbia, a th’ann La Ceja neo La Ceja del Tambo. Tha crìochan aig La Ceja leis na bailtean Rionegro agus El Carmen de Viboral mu thuath, leis a bhaile La Unión air an àirde an ear, leis na bailtean Montebello agus El Retiro air an àirde an iar agus leis a’ bhaile Abejorral mu dheas. Tha am baile fhèin suidhichte aig 41 cilemeatairean bho Mhedellín. ha e dìreach ri taobh Rionegro, far a bheil am Port-Adhair Eadar-nàiseanta Jose María Córdova, a fhrithealas Medellín. 'S La Ceja an 94mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1789.

‘S e leis na Tùsanaich Tahamì a bha am fearann far a bheil La Ceja an latha an-diugh, is iad daoine gu math sìtheil a bha an sàs anns an àiteachas, gu h-àraidh an Cruithneachd Innseanach. Thàinig na Ceannsaichean Spàinnteach mu 1541 fo Álvaro de Mendoza, leas ceann-feadhna a’ Mharasgal Jorge Robledo. Lorg Mendoza gleann mòr torach, làn cluaintean uaine brèagha le iomadach uisgeachan fìor-ghlan gan sruthadh. Thug Mendoza Valle de Santamaría air (Gleann Mhàiri Chràbhach), ach ‘s e Valle de La Ceja del Tambo an t-ainm a bh' air an latha an-diugh.

Thoisich mòran dhaoine à Antioquia a thig chun an sgìre, gu h-àraidh daoine à Medellín agus Santa Fe de Antioquia aig toisich tòiseachaidh na 17mh linne, air sàilleabh na dheagh fheartan nàdarra aige agus leis cho torach ‘s a tha am fearann, oir ‘s e àite uabhasach freagarrach airson àiteachas agus togail chruidh.

Chaidh an rathad eadar San Nicolás de Rionegro agus Santiago de Arma, agus mu dheireadh thall gu ruige Popayán a dh’fhosgladh ann an 1683. Chruthaich daoine an àite bothan beag (neo tambo) ri taobh an rathaid, agus le sin, beag air bheag, dh’ atharrachadh an t-ainm a bh’air gu “La Ceja del Tambo”.

Chaidh La Ceja a dh’ainmeachadh baile (le probhaist) ann an 1855; an ceann ceithir bliadhnachan deug, ann an 1869, bha tòrr àite cudromach aig La Ceja a bharrachd air am baile fhèin: Vallejuelo, Medio de los Ríos, El Tigre agus La Miel.

‘S e Am baile air an dealbhachadh nas fheàrr far-ainm a’ bhaile.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 46,268 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 7,981 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an La Ceja, ach tha 7.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 93.3% dhe na daoine ann an La Ceja leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 82.3% dhe na dachannan.[5]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Ceja. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Juan de Dios Aranzazu:17981845. Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1841 agus 1842

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia