Jeanne d'Arc
Jeanne d'Arc | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | unknown value |
Breith | Domrémy-la-Pucelle, 6 dhen Fhaoilleach 1412 |
Dùthaich | Rìoghachd na Frainge |
Ciad chànan | Meadhan-Fhraingis |
Bàs | Rouen, 30 dhen Chèitean 1431 |
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (death by burning (en) ) |
Murtair | Geoffroy Thérage |
Teaghlach | |
Athair | Jacques d'Arc |
Màthair | Isabelle Romée |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain |
Meadhan-Fhraingis Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | luchd an airm |
Duaisean a fhuaras | |
Tèarmann | |
30 an Cèitean | |
Seirbheis san arm | |
Strì |
Hundred Years' War (en) Siege of Orléans (en) Battle of Jargeau (en) Battle of Meung-sur-Loire (en) Battle of Beaugency (en) Battle of Patay (en) March to Reims (en) Siege of Paris (en) Siege of Saint-Pierre-le-Moûtier (en) Siege of La Charité (en) Siege of Compiègne (en) |
Creideamh | |
Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
B' e saighdear agus taibhsear a bha ann an Jeanne d'Arc no Maighdeann Orléanach.
Timcheall air 1412 rugadh i ann an Domrèmy ann an Siorrachd Bhar anns an Fhraing an ear-thuath. Nuair a bha i a dh'aois 13 fhuair i "fiosan" spioradail à naoimh agus à aingealan agus ann an 1428 dh'innis na guthan seo dhi gum bu chòir dhi an sèist Sasannach far Orléans a thogail agus Crùn na Frainge a bhuannachadh airson an Dauphin, oighre an Rìgh. Bha an Fhraing a' cogadh ri Sasainn agus ri Burgandaidh aig an àm sin. Dhearbh i air a h-uncail, Durand Laxart, ga toirt gu Robert de Baudricourt ann an Vaucouleurs, a thug i gu caisteal an Dauphin fhèin ann an Chinon.
Ged nach do d'fhuair i taic bho na comandairean Frangaich, threòraich i na feachdan an aghaidh nan Sasannach ann an Orléans. Bha i air a gonadh ach thill i an ath-là is thuit Orléans aig na Frangaich 8 an Cèitean 1429. An dèidh sin bhuannaich iad bailtean cudromach ri taobh an Abhainn Loire agus chaidh an Dauphin a chrùnadh mar Teàrlach VII 17 an t-Iuchar 1429 ann an Reims far an deach a h-uile Righ a chrùnadh bho Ùisdean Capet ann an 987.
Dh'fhuirich i anns a' chùirt gu ruige 1430 is i a' dol gu Compiègne far an do shabaid i ri na Sasannaich agus na Burgandaich. Chaidh a glacadh leis na Sasannaich agus loisg iad i ri bacan 30 an Cèitean 1431. Chaidh i na naomh ann an 1920.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ DeVries, Kelly: “Joan of Arc”. Na h-Arm-lannan Rìoghail. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2023.
Ceanglaichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Mac Eanruig, Aonghas (1918): “Jeanne d'Arc,” ann an: An Comunn Gàidhealach (Foills.): An Solaraiche. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2023.