iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: https://gd.wikipedia.org/wiki/Gaborone
Gaborone - Uicipeid Jump to content

Gaborone

O Uicipeid
Gaborone
Faidhle:Gaborone Montage.png
Suidheachadh
Dùthaich Botswana
Ceàrn Gaborone
Sgìre Gaborone
Co-chomharran 24° 39 29' Deas
25° 54 44' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 19.6 km²
Àireamh-shluaigh 191,776 (2006)
Dlùths 9,784.49/km²

'S e prìomh-bhaile Bhotsuana a tha ann an Gaborone, (IPA: /ˌɡæbəˈroʊni/). Anns a’ bhliadhna 2005 bha 208,411 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha am baile suidhichte anns a’ ghleann eadar Beinn Kgale agus Beinn Oodi air bruach Abhainn Notwane. Tha e anns an ear-dheas Botsuana, dìreach 15 mìle air falbh bho crìochan Afraga a Deas. Ro 1969, b’e Gaberones an t-ainm a bha air a’ bhaile[1]. Thàinig an t-ainm tùsail bho Kgosi Gaborone, ceannard treubh Afraganach.

Tha Gaborone 1,055km air falbh bho Lusaka (Saimbia), 927km bho Harare (Siombabue), 253km bho Phretoria (Afraga a Deas), 928km bho Windhoek (Namibia), agus 2,213km bho Luanda (Angola).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 1,015m os cionn ìre na mara.[3] Chaidh meadhan a’ bhaile a thogail ann an trì bliadhnaichean a-mhàin. Bha e deiseal aig ceann-latha neo-eisimeileachd Botsuana (30mh an t-Sultain 1966). Tha am port-adhair, Sir Seretse Khama International Airport, mu deich cilemeatair 'sa tuath Gaborone. Tha an Oilthigh Botsuana, a chaidh a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1977, ann an Gaborone cuideachd.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ainm Gaberone aig www.thuto.org
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
  4. Sister Cities International
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: