iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: https://gd.wikipedia.org/wiki/Darmstadt
Darmstadt - Uicipeid Jump to content

Darmstadt

O Uicipeid
Darmstadt
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Sgìre Hessen
Co-chomharran 49° 52' Tuath
08° 39' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 122.11 km²
Àireamh-shluaigh 149,743 (2013)
Dlùths 1,226.3/km²
Àireamh fòn +49 (0)6151, (0)6150 agus (0)6159
Duilleag oifigeil http://www.darmstadt.de/

‘S e baile mòr faisg air Frankfurt agus Mainz ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Darmstadt. Tha e suidhichte aig 144m os cionn ìre na mara, anns an stàit Hessen. Tha am baile 181km air falbh bho Nürnberg, 200km bho Dhüsseldorf, 309km bho Leipzig agus 443km bho Bherlin.[1] Tha 149,743 duine a' fuireach ann.[2] Tha Darmstadt uabhasach ainmeil airson Saidheans.

Chaidh Darmstadt a chlàradh airson a' chiad turais anns an 11mh Linn mar Darumstadt. Thathar dhen bheachd gur ann à Dar Mund (Rubha Bogach) ann an seann Ghearmailtis a tha an t-ainm. Ann an 1330 thug an t-Ìmpire Ludwig à Bayern, a bha os cionn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe, còirichean dhan bhaile, a bhuineadh dhan teaghlach uasal Katzenelnbogen. Thogadh caisteal aig an àm sin cuideachd. Chaochail an t-Iarla Katzenelnbogen gun chlann ann an 1479 agus chaidh a chuid oighreachdan ann an Darmstadt a thoirt gu Hessen.[3] B' e prìomh-bhaile na stàite Dhiùcachd Hesse a bh' ann bho 1567 gu ruige 1806 agus an uair sin Àrd-Dhiùcachd Hesse bho 1806 gu ruige 1918.[4] Dh' fhàs Darmstadt gu math luath fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robh taighean-gnìomhachais a thogail agus bha còrr is 100,000 duine a' fuireach ann aig deireadh na linne. Chaidh an t-oilthigh teicnigeach TU Darmstadt a stèidheachadh ann an 1877.[5] A bharrachd air saidheans agus malairt bha ealain cuideachd làidir ron a' Chiad Chogaidh agus bha am baile ainmeil air feadh na Gearmailt mar teis-mheadhan Jugendstil, a bha coltach ri Art Nouveau a bha againn ann an Alba.[6] Thoisich a' chiad dùnadh bùthan nan Iùdhach anns a' Ghearmailt ann an Darmstadt ann an 1933, ri linn Adolf Hitler. Chaidh na 3,000 Iùdhaich a bha a' fuireach anns a' bhaile a thoirt gu campaichean na mairbh ann an 1942 agus chaidh ias uile a mharbhadh anns an Uile-losgadh. Bhuineadh Wilhelm Leuschner agus Theodor Haubach do Dharmstadt: Shabaid iad an aghaidh nan Nàsach, a chuir iad gu bàs ro dheireadh an Darna Chogaidh. Thoisich an RAF Darmstadt a bhomadh ann an 1942 agus, mu dheireadh thall air 11 an t-Sultain 1944, chaidh a' chiad bhomadaireachd Firestorm a dhèanamh an seo: chaochail mu 75% nan daoine a bha anns a' bhaile an oidhche ud sin.[7]

Ann an 1912 leasaich an ceimigear Anton Köllisch an droga MDMA, neo ecstasy, nuair a bha e ag obair airson na companaidh Merck.[8]

Tha an Comann airson Rannsachadh nan Aidheon Trom ann an Darmstadt.[9] Chaidh iomadach eileamaid cheimigeach ga lorg an-sin, mar eisimpleir hassium agus darmstadtium.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Hoekmann
  4. Almanach de Gotha
  5. TU Darmstadt
  6. Mathildenhöhe
  7. US Army
  8. Merck
  9. https://www.gsi.de/en/start/news.htm

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]