iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: http://gd.wikipedia.org/wiki/Cruit
Cruit - Uicipeid Jump to content

Cruit

O Uicipeid
Crwth Cuimreach

Se inneal ciùil a tha ann an Cruit air a dhèanamh le fiodh agus cruaidh. Se an t-ainm eile air an inneal ciùil seo clàrsach.

Chan eil cinnt sam bith ann mu dhéidhinn ciall an fhacail "cruit" bho thùs. Faodar a ràdha le cinnt gu robh am facal riamh air a chleachdadh airson an ionnsramaid ris an can sinn a' chlàrsach Ghàidhealach. Chan eil fhios againn le cinnt dé seòrsachan de chlàrsaichean a bha againn ann an Alba, Éirinn agus Eilean Mhanainn anns na linntean mus robh clàrsach Ghàidhealach ann mar a tha againn an diugh i.

Anns a' Chuimrigh, tha an aon fhacal (canaidh iadsan crwth) ga chleachdadh airson ionnsramaid eile a tha na sheòrsa de liora s chan e clàrsach. Dh'fhaodadh gu bheil an inneal Cuimreach seo coltach ri seann inneal Ghàidhealach eile, an tiompan, a chaidh a bith gun sgeul.