iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: http://gd.wikipedia.org/wiki/Botsuana
Botsuana - Uicipeid Jump to content

Botsuana

O Uicipeid
Lefatshe la Botswana
Republic of Botswana

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Fatshe leno la rona
Beannachd air an tìr uasal seo
Sluagh-ghairm nàiseanta
Pula
An t-uisge
Cànan(an) oifigeil Beurla, Canan Tswana
Prìomh-bhaile Gaborone
Baile as motha Gaborone
Riaghaltas Poblachd phàrlamaideach
Ceann-suidhe Ian Khama
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghachd Aonaichte
30mh an t-Sultain 1966
Farsaingeachd
Iomlan 581,726 km² (41mh)
Uisge 2.5 %
Àireamh-shluaigh (2014)
Iomlan 2,155,784 (145mh)
Dlùths 3.7/km² (231mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsa $14,700 (60mh)
Roinn tìde CAT (UTC+2)
Ruith-airgid Pula
Prìomh àrainn-lìn .bw
Còd Àireamh fòn 267

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana,[1][2][3][4] ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san ear-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.

'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air an t-Saoghail. Tha e ann an earra-thuath na dùthcha.

Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.

B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm ud, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna.[5] Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700[6].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. www.state.gov
  6. CIA World Fact Book

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]
Cairt: Botsuana
Sprèidh aig toll-uisge faisg air Serowe.
Okavango Delta
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: