iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: http://gd.wikipedia.org/wiki/Ṣan'ā'
Ṣan'ā' - Uicipeid Jump to content

Ṣan'ā'

O Uicipeid
Ṣan'ā'
Suidheachadh
Dùthaich Iemen
Ceàrn Ṣan'ā' Governorate
Co-chomharran 15° 24' 17" Tuath
44° 12' 24" Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,747,627 (àrd-bhaile) (2004)

'S e prìomh-bhaile Iemein a tha ann an Ṣan‘ā’ (Arabais:صنعاء, uaireannan Sanaá neo Sana'a) Tha San‘a’ suidhichte air àrd-thìr Iemein, tha beanntan mòra timcheall air, m. e. Beinn Jabal Nuqum agus Beinn Aiban. 'S e aon de na bailtean as aosda a tha ann an Iemen, canar gun deach am baile a thogail anns an 6mh linn RC. Bha daoine a’ fuireach ann an seann bhaile Ṣan'ā' fad 's 2,500 bliadhna. Tha mòran seann taighean ann, nas motha na 100 mosg agus seann bhallaichean airson a’ bhaile a dhìon, cho àrd ri 20-30 troighean. Tha am Bāb al-Yaman (geata Iemein) a tha anns a’ bhalla seo nas sine na 700 bliadhna. Tha am mosg al-Jami'a l-Kabir aon de na mosgan as aosta air feadh an t-saoghail Ioslamach. Mar sin dheth tha Ṣan'ā' air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO. Tha am Suq al-Milh (Margadh Salainn) cliùiteach airson a h-uile bathar as urrainnear ceannachd an seo. 'S e am port-adhair eadar-nàiseanta, an Ṣan'ā' International Airport, am fear as cudromaiche den dùthaich.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Bāb al-Yaman (geata na h-Eamain) ann an meadhan na seann bhaile Sanaá
Taighean à creadh ann an Ṣan'ā'.
Àite-fuirich Imam Yahya ann an Wadi Dhar faisg air Ṣan'ā'.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: