iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.
iBet uBet web content aggregator. Adding the entire web to your favor.



Link to original content: http://gd.m.wikipedia.org/wiki/Anatole_France
Anatole France - Uicipeid

B' e Anatole France, an t-ainm-pinn aig François-Anatole Thibault, sgrìobhadair agus leabharlannaiche às an Fhraing. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an 1921.[1]

Anatole France
seat 38 of the Académie française (en) Translate

23 dhen Fhaoilleach 1896 - 12 dhen Dàmhair 1924
Ferdinand de Lesseps (mul) Translate - Paul Valéry (en) Translate
president (en) Translate

1921 - 1924 - Paul Valéry (en) Translate
Beatha
Ainm slàn Jacques François-Anatole Thibault
Breith Paris, 16 dhen Ghiblean 1844
Dùthaich  An Fhraing
Ciad chànan Fraingis
Bàs Q22994052 Translate, 12 dhen Dàmhair 1924
Àite-adhlacaidh Neuilly-sur-Seine Old Communal Cemetery (en) Translate
Teaghlach
Cèile Valérie Guérin de Sauville (en) Translate
Emma Laprévotte (en) Translate
Càraid Léontine Lippmann (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Collège Stanislas de Paris (en) Translate
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, bàrd, nobhailiche, leabhar-lannaiche, breithniche litreachais, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, prose writer (en) Translate, beatha-eachdraiche agus critic (en) Translate
Àitichean-obrach Paris
Obraichean comharraichte Thaïs (en) Translate
Les dieux ont soif (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Académie Française (en) Translate
Lìog nan Còraichean Daonna
PEN Club français (en) Translate
Gluasad freethought (en) Translate
Far-ainmean Anatole France agus Anatolis Fransas
IMDb nm0289787

Rugadh e an 16mh latha dhen Ghiblean 1844 ann am Paras fhèin. ‘S e leabhraiche a bh’ ann athair, is le sin chuireadh e seachad a bheatha a-measg leabhraichean. 'S e Librairie de France (Gàidhlig: Bùth-leabhraichean na Frainge) an t-ainm a bha air a’ bhùth sin is chleachd Jacques Anatole François e airson ainm-pinn. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an àrd-sgoil caitligeach Collège Stanislaus is nuair a dh’ fhàg e an sgoil bha e an sàs ag obair ri taobh athar anns a’ bhùth aca. Fhuair e dreuchd mar leabharlannaiche aig Seanadh na Frainge ann an 1876. Chaidh aige ri ballrachd Académie française (Gàidhlig: Acadamaidh na Frainge) fhaighinn ann an 1896, nuair a chaochail Ferdinand de Lesseps.

Thug Anatole France taic làidir do dh’ Émile Zola anns a’ chùis Dreyfus, is chuir e fiù’s ainm gu athchuinge, a dh’iarr air na h-ùghdarrasan sgrùdadh air a’ chùis sin a dhèanamh is gun toireadh bonn na Legión d'Honor[2] air ais do Zola, dìreach an latha an dèidh a dh’ fhoillsich Zola an t-airtgil J'accuse...! ann am pàipear-naidheachd. A bharrachd air sin bha e an sàs ann an stèidheachadh bhuidhne airson Còirichean Daonna. Dhèanadh iomairtean ann an dà chuid airson sgaradh na h-eaglaise bhon stàit agus airson aonaidhean-ciùide a chur air dòigh.

Bha e aig obair airson L'Humanité, pàipear-naidheachd an làimhe-chlì agus rinn e iomairt an aghaidh Còrdaidh Versailles ann an 1919, nuair a sgrìobh e artaigil leis an tiotal An aghaidh na Sìthe gun Cheartas, a dh’fhoillsich L’Humanité air an 22mh latha dhen Iuchar sa bhliadhna sin. Sheas e aig na taghaidhean ann an 1914 airson Earran Frangach Eadar-nàiseanta na Luchd-Obrach (SFIO), seann ainm Pàrtaidh Sòisealach na Frainge, is bha dlùth air a’ Phàrtaidh Comannach na Frainge, ach rinn e dubh chàineadh orra mu dheireadh thall.

Chaochail e air an 12na latha dhen Dàmhair 1924 aig an dachaigh, ann an Tours.

Litreachas

deasaich

Dh’fhàs Anatole France a bhith uabhasach ainmeil an an 1888 nuair a dh’fhoillsich Le crime de Sylvestre Bonnard, seòrsa dhe sgrùdadh air an 19mh linn. Mholadh an leabhar air sàilleabh a chuid rosg eireachdail is fiù’s bhuannaich e duais Acadamaidh na Frainge.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1921 airson a bhith ag aideachadh a chuid euchdan spaideil ann an litreachas, is iad làn nòs allail, tlusalachd gu math domhainn, ceadachas agus fìor nàdar Frangach"

A Chuid Obrach

deasaich
Sgeulachdan is nobhailean goirid
  • 1879: Jocaste et le chat maigre
  • 1881: Le Crime de Sylvestre Bonnard
  • 1882: Les Désirs de Jean Servien
  • 1886: Nos enfants, scènes de la ville et des champs
  • 1889: Balthazar
  • 1890: Thaïs
  • 1892: L'Étui de nacre, recull de contes
  • 1892: La Rôtisserie de la reine Pédauque
  • 1893: Les Opinions de Jérôme Coignard
  • 1894: Le Lys rouge
  • 1895: Le Jardin d'Épicure
  • 1895: Le Puits de Sainte Claire
  • 1897: L'Orme du mail
  • 1897: Le Mannequin d'osier
  • 1899: L'Anneau d'améthyste
  • 1900: Clio
  • 1901: Monsieur Bergeret à Paris
  • 1901: L'Affaire Crainquebille
  • 1902: Le Procurateur de Judée
  • 1903: Histoires comiques
  • 1905: Sur la pierre blanche
  • 1908: L'Île des Pingouins
  • 1908: Les Contes de Jacques Tournebroche
  • 1909: Les Sept Femmes de Barbe bleue et autres contes merveilleux
  • 1912: Les dieux ont soif
  • 1914: La Révolte des anges
  • 1920: Marguerite
  • 1920: Le Comte Morin
Bàrdachd
  • 1870: La Mort d'un juste
  • 1873: Poèmes dorés
  • 1876: Les Noces corinthiennes, drama en vers
Cuimhneachan
  • 1885: Le Livre de mon ami
  • 1899: Pierre Nozière
  • 1918: Le Petit Pierre
  • 1922: La Vie en fleur
Drama
  • 1898: Au petit bonheur
  • 1903: Crainquebille
  • 1908: La comédie de celui qui épousa une femme muette
  • 1928: Le Mannequin d'osier, comèdia
Eachdraidh
  • 1908: Vie de Jeanne d'Arc
Beachdaireachd Litreach
  • 1869: Alfred de Vigny, estudi
  • 1888: Le château de Vaux-le-Vicomte
  • 1871: Le Parnasse contemporain
  • 1913: Le Génie latin, recull de prefacis
  • 1915: Sur la voie glorieuse
Beachdaireachd Sòisealta
  • 1902: Opinions sociales
  • 1904: Le parti noir
  • 1906: Vers les temps meilleurs

Onoirean

deasaich

Chuireadh an t-ainm aige gu asteroide (11166 Anatolefrance) a lorg Eric Walter Elst 27mh an Gearran 1998.

Iomraidhean

deasaich
  1. Làrach-lìn oifigeil na Duaise
  2. Legión d'Honneur

Ceanglaichean a-mach

deasaich